A’ Ghràisg

Dealbh: Chris Pietsch/The Register-Guard

Tha e gu bhith meadhan-oidhche nuair a tha a’ ghràisg a’ briseadh a-steach don chlub òigridh. Chan eil ach aon smaoin air an inntinn – sgrios!

Anns a’ ghràisg, tha far-ainmean orra: ‘am Fear Bàn’ – is esan a tha sanntach, ‘am Mathan’ – tha e a’ còrdadh ris a bhith ri tuasaid, ‘Tubby’ – is toigh leis na partaidhean, agus ‘Rù’ – fear le blas Astràilianach air a chainnt. Anns an leth-sholas, tha iad a’ coimhead car coltach ris na h-orcs anns an fhilm, ‘Lord of the Rings’.

Gun mhionaid dàlach, tha iad a’ tòiseachadh air an t-àite a mhilleadh: tha ‘Tubby’ a’ dinneadh thubhailtean-pàipeir a-steach dha na sinceachan anns na taighean-beaga mus cuir e air na gocan; tha am Fear Bàn agus Rù a’ dèanamh càrn de shèithrichean agus rud sam bith eile a loisgeas agus an uair sin a’ cur maidse ris; tha am Mathan ri èigheach agus a’ tilgeil ghlainneachan air an fheadhainn eile gus am bi ùrlar a’ chlub còmhdaichte le glainne bhriste.

Chan fhada gus am bi an clag teine a’ seirm – bidh e a’ tarraing aire nam poileas agus an luchd-smàlaidh. Co-dhiù, tha ceò searbh nan cùirtearan naidhlean a’ tòirt casadaich orra.

‘A-mach a seo!’ tha am Fear Bàn ag èigheach. ‘Tha àite eile ri mhilleadh faisg air làimh.’

‘Tha. Ach ciamar a gheibh sinn ann?’ tha ‘Tubby’ a’ faighneachd.

‘Na bi gòrach!’ tha am Fear Bàn a’ freagairt.

Tha iad a’ breabadh doras-aghaidh a’ chlub gus am fosgail e agus a’ toirt an casan leotha. Tha am Fear Bàn a’ stad airson diog agus a’ reubadh sìos na brataich a tha os cionn an dorais. Tha e a’ stampadh oirre agus ga sracadh. Is gann a leughar a-nis na tha sgrìobhte air a’ bhrataich – ‘Club na Talmhainn’.

 

Previous
Previous

The Rabble

Next
Next

Judgment Day