A’ Chraobh Chrithinn
Bha mi a’ coiseachd anns a’ choille nuair a chuala mi beucaich an t-sàibh-sèine. Chunnaic mi dithis fhear sgeadaichte ann an aodach-dìona agus clogaidean plastaig buidhe – bha iad a’ dol a leagail tè de na craobhan crithinn. Thog mi suas mo làmh agus chuir iad stad air motair an t-sàibh.
‘Carson a tha sibh a’ leagail na craoibhe crithinn seo?’ dh’fhaighnich mi.
Thionndaidh an dàrna fear air falbh a shealltainn air a’ fòn-làimhe aige. Thug am fear eile pìos pàipeir às a phòcaid agus, gun fhacal a ràdh, shìn e dhomh e. Seo na bha sgrìobhte air:
Tar-sgrìobhadh den Fhianais an aghaidh na Craoibhe Crithinn
Fianais an Eòlaiche ann am Beul-aithris
Anns na linntean a dh’fhalbh, bha na Ceiltich a’ measadh a’ chrithinn mar chraoibh shuaraich, ann an cuideachd an t-seilich, na feàrna agus an leamhain. Chan eil fiodh a’ chrithinn gu mòran feum – fiù ’s nam biodh e air a losgadh, cha tigeadh teas mòr às.
Ach tha tuilleadh agam ri ràdh mun chritheann. Bidh duilleagan na craoibhe crithinn air an cur air chrith leis an oiteig as lugha agus, anns an dòigh sin, a’ toirt fianais air a ciont agus a nàire. A rèir beul-aithris, b’ ann à fiodh na craoibhe seo a rinneadh Crann-ceusaidh Ìosa Chrìosd agus bho na linntean fada fichead bhiodh na Ceiltich ga càineadh a thaobh na h-eucorach oillteil seo.
Faisg air ceann Loch Seile tha gleann uaigneach ann anns nach eil craobh sam bith a’ fàs ach craobh chrithinn, na seasamh leatha fhèin. B’ àbhaist do mhuinntir na sgìre seo a bhith a’ cuartachadh na craoibhe air Dihaoine a’ Cheusaidh agus a bhith ga mallachadh. Dhaibhsan, bha an critheann mar shamhla air an dream ud a cheusas an duine math, agus nach eil fhios aca dè a tha iad a’ dèanamh.
Fianais an Neach-saidheans
Tha an critheann (populus tremulus) na bhall de theaghlach a’ phobhlair. Bidh an sìol clòimheach geal aige air a sgaoileadh pìos math air falbh bhon chraoibh leis a’ ghaoith, gu talamh bàn far am bi cothrom dha fàs. Tha an critheann na thùsaire a bhios a’ fàs gu luath ann an talamh bog faisg air aibhnichean no uillt.
Tha duilleagan na craoibhe neònach anns an dòigh anns am bi oiteag gaoithe gan gluasad – bidh a’ ghaoth gan lùbadh air ais is air adhart mun aiseal na gaise, a tha tana agus còmhnard. Chan eil an gluasad seo doirbh a thuigsinn idir nuair a bheir sinn sùil air an dinimic-èadhair, no aerodynamics anns a’ Bheurla, a bhios ag obair air na duilleagan. Ach mar thoradh air an lùbadh, bidh solas na grèine a’ deàlrachadh air taobhan ìosal nan duilleagan, a’ toirt comas photosynthesis dhaibh – obair neo-àbhaisteach do thaobhan ìosal duilleagan nan craobhan.
Chan eil e fìor nach eil fiodh a’ chrithinn gu feum sam bith – o chionn beagan bhliadhnaichean bha an luchd-ceàirde ga chleachdadh gus baraillean, cuinneagan, bùird agus sèithrichean a dhèanamh. A thaobh an teas a bhios a’ tighinn às an fhiodh nuair a bhios e air a losgadh, thig 14.7 millean Btu às gach cord (faic gu h-ìosal) den chritheann, an coimeas ris an darach, mar eisimplier, às an tig 27.7 millean Btu gach cord.
(Btu gach cord = British thermal units gach 128 troighean ciùbach)
Fianais a’ Bhàird
Tha gaol agam air a’ chraoibh chrithinn! Tha sreath dhiubh anns a’ phàirc ri taobh na h-aibhne, far am bi mi a’ coiseachd anns a’ mhadainn.
Nuair a bhios mi a’ teannadh dlùth orra, bidh an duilleagan gam thàladh mar gu bheil iad a’ toirt cuireadh dhomh tighinn a-steach dhan neul bhòidheach ghorm aca! Dè na faclan dìomhair a bhios iad a’ cagarsaich ri chèile? Is cinnteach gu bheil iad a’ cur an cèill an aoibhneis ann a bhith beò anns an t-saoghal bhrèagha seo.
Cha bhithinn a’ dèanamh tàir air a’ chraoibh a thaobh an teas a bhios a’ tighinn às an fhiodh aice. Gu dearbh, tha mi taingeil dhan chritheann a thaisgeas an lùths bho sholas na grèine ann an cruth cruaidh. Nuair a bhios mi a’ losgadh fiodh a’ chrithinn anns an teine, bidh e gam chumail blàth agus ann an sunnd math ann an làithean fuara a’ gheamhraidh. Coma leinn de Bhtu an neach-saidheans! Nach esan a tha mì-thaingeil! Cha chan mi an còrr mus can mi cus.
Chan fhaod e a bhith gu bheil a’ chraobh chrithinn fo uallach cionta, ged as e sin a tha cuid de dhaoine ag ràdh. Thoiribh sùil air na h-eòin! Nì iad an neadan na geugan. Tha gliocas nan eun nas motha na gliocas mac an duine!
Fianais a’ Chrithinn fhèin
Is craobh a tha annam. Agus mar sin dheth, nam biodh sibh airson mo leagail gu làr, cha b’ urrainn dhomh teicheadh. Tha mo bheatha a’ crochadh air an iochd agaibh.
Ge air bith dè thachras, cha bu chòir dhomh a bhith a’ gearan. Tha uiread de bhràithrean agus de pheathraichean agam – tha mi làn misneachd gum mair an cinneadh agam beò às m’ aonais.
Cha chanainn-sa gu bheil mi a’ giùlan ciont mo shinnsirean. Bidh na duilleagan agam a’ dol air chrith gu furasta a chionn ’s gur mise an critheann, seach an fheàrna no a’ bheithe. Dh’fheumainn aideachadh, ge-tà, gun robh oidhche ann anns a’ gheamhradh nuair a bha mi nam shuain, an snodhach agam air a tharraing a-steach dha mo stoc, nuair a thàinig aisling thugam. Chuala mi guth, ma b’ fhìor, a dh’innis dhomh gum b’ i Craobh na Buaidhe a thug iad mar ainm air tè de mo shinnsirean – leag daoine garbha i gus an dèanadh i obair uabhasach. Ach am biodh dòchas sam bith aig mac an duine an-diugh mura biodh ise air gabhail ris na bha an dàn dhi?
Ghabh mi sìos gu bruaich na h-aibhne. An dèidh greis, chuala mi fuaim an t-sàibh-sèine a-rithist.
Thill mi air an fhionnairidh. Cha robh càil air fhàgail den chritheann ach bun craoibhe agus min-sàibh. Dè an gnìomh olc a bha iad a’ dol a sparradh air crann a’ chrithinn an turas seo?
Thug mi an aire nach robh òran an loin-duibh ri chluinntinn. Bha saoghal an nàdair na thost.