A’ Phòg

‘Innsibh dhomh sgeulachd, a Sheanair.’

Bha e tràth san fheasgar ach bha Eubha, trì bliadhna a dh’aois, a’ leigeil oirre gun robh an t-àm ann dhi a dhol don leabaidh.

‘Dè mu dheidhinn ‘The Gruffalo’?’ dh’fhaighnich mi.

‘Tha mi sgìth den ‘Ghruffalo’.’

‘Dè mu dheidhinn ‘Goldilocks and the Three Bears’?’

‘Tha mi seachd sgìth den sgeulachd sin, cuideachd.’

‘Dè mu dheidhinn ‘Snow White’?’

‘Chan eil mi ag iarraidh ‘Snow White’. Tha mi ag iarraidh sgeulachd ùr.’

‘Dè mu dheidhinn ‘Eubha Bhochd agus an Losgann Grànda’?’

‘Eubha? An ann mu mo dheidhinn-s’ a tha i?’

‘Chan ann.’

‘Innsibh dhomh an tè sin, ma-thà.’ Shocraich i i fhèin air an t-sòfa.

‘Uill. Uair dha robh an saoghal bha caileag ann air an robh Eubha. ’S e greusaiche a bha na h-athair ach chaochail e nuair nach robh ise ach leanabh, agus bha Eubha agus a màthair bochd.  Bhiodh iad a’ dèanamh saothair chruaidh a h-uile latha ’son ’s gum biodh sgillinn no dhà aca gus pìos beag arain a cheannach.’

‘An robh an Eubha seo àlainn, a Sheanair?’

‘Cha robh fios aig duine sam bith an robh i àlainn no nach robh, a chionns gun robh i còmhdaichte le luaithre bho bhith a’ glanadh a-mach nan àiteachan-teine anns a’ bhaile-mhòr far an robh i a’ fuireach.’

‘Carson nach do nigh Eubha i fhèin san tuba, ma-thà?’

‘Uill, cha robh tuba aig daoine bochda sna làithean ud – dìreach daoine beairteach. Bhiodh i ga nighe fhèin ann an allt eabarach.

‘Ghia!’

‘Ach, latha a bha seo, fhad ’s a bha i air bruaich an uillt, thachair i ri losgann grànda. Thuirt esan rithe gun dèanadh e bana-phrionnsa bhrèagha dhith nam biodh i deònach pòg a thoirt dha beul ri beul. Cha bhiodh aice ri àiteachan-teine a ghlanadh tuilleadh.’

‘An robh an losgann uabhasach grànda?’

‘O, bha! Bha! Bha a chraiceann donn cnapach, bha a bhilean tiugh salach. Chan eil mi a’ smaoineachadh gun do chleachd e bruis-fhiaclan a-riamh na bheatha.’

‘Ghia! An tug i pòg dha?’

‘Cha tug. Cha tug, a’ chiad latha. Cha robh i ga chreidsinn nuair a thuirt e gun dèanadh e bana-phrionnsa dhith. Ach thachair i ris a-rithist an ath-latha.’

‘An tug i pòg dha?’

‘Cha tug. Cha tug, an dara latha. Bha e dìreach air cuileag-mhòr a chagnadh agus bha e ag imlich a bhilean.’

‘Ghia!’

‘Ach an ath-latha, nuair a thachair i ris an treas uair, ghabh i truas dheth agus thug i pòg dha, beul ri beul. Anns a’ bhad, thuit i na cadal. Agus nuair a dhùisg i às a cadal, bha i na bana-phrionnsa bhrèagha. An àite nan luideagan robach a bha oirre, bha i sgeadaichte ann an dreasa fhada còmhdaichte le leugan.’

Thug Eubha sùil orm mar gun robh i a’ meòrachadh air ceist air choreigin … ‘Am biodh teansa ann? Am b’ fhiach fheuchainn, co-dhiù?’

Gu cabhagach, thug i pòg mhodhail dhomh. An uair sin shocraich i i fhèin a-rithist mar gun robh i a’ dol a chadal.

‘Nuair a dhùisgeas mi, bidh mi nam bhana-phrionnsa bhrèagha,’ thuirt i. 

 

Previous
Previous

The Kiss

Next
Next

‘I am the Rose of Sharon, the Lily of the Glen’