Aig Briseadh na Fàire ann an Nepal

A’ sealltainn chun na h-àird’ a tuath bho Amp Pipal.

As t-earrach 1988, chaidh mi a dh’obair gu saor-thoileach ann an Nepal – aig an àm ud, an treas dùthaich a bu bhochda anns an t-saoghal taobh a-muigh Afraga. Bha mi air a bhith ann mar oileanach-meidigeach ann an 1976.

Chuir an United Mission to Nepal mi gu Amp Pipal ann an sgìre Ghorkha far an robh ospadal beag aca ann am bun-chnuic nan Himalayas. Thug e ceithir uairean a thìde coiseachd suas am bruthach chun an ospadail bhon rathad chorrach a b’ fhaisge air. Cha robh dòigh eile ann anns an ruigeadh tu an t-ospadal ach air do chasan fhèin – bhiodh feadhainn de na h-euslaintich a’ coiseachd airson latha no dhà gus an tigeadh iad chun nan clionaigean. Bhiodh fiù ’s an diesel airson a’ ghineadair dealain agus an Coca Cola anns a’ bhùth bhig air an giùlan ann air dromannan nam portairean a chosnadh mu fhichead rupee mar thuarastal làitheil (co-ionnan ri not Sterling).

Bha ceathrar lighichean às an Roinn Eòrpa agus à Canada ag obair aig an ospadal – bhiodh iad nan co-obraichean meidigeach agam. Bhiodh na banaltraman Nepalach a’ suidheachadh nan euslainteach anns na h-uàrdan agus a’ toirt an cungaidh-leighis dhaibh, ach b’ e luchd-dàimh nan euslainteach a bhiodh gam beathachadh agus gan nigheadh msaa – bhiodh an luchd-cùraim seo a’ cadal anns an uàrd, air an ùrlar fo leapannan nan euslainteach.

Bhon t-sealladh Bhreatannach, bha muinntir Amp Pipal bochd ann an da-rìribh. Gach bliadhna, bhiodh am beatha na crochadh air toradh an ruis – gun fhoghar math a bhith aca, bhiodh gort ann. B’ fheudar dhan a h-uile duine – fir, mnathan agus clann – an dleastanas aca a dhèanamh ann an obair an fhearainn.

Bha leasanan duilich agam rin ionnsachadh air mar a bheireadh a’ bheatha dhùbhlanach aca buaidh orra.

Latha de na làithean, thug pàrantan an nighean, dà bhliadhna a dh’aois, dhan ospadal. Chaidh a losgadh gu dona air a làmhan, air a gàirdeanan agus air a com an dèidh dhi tuiteam a-steach dhan teine ann am meadhan ùrlar a’ bhothain aca – an teine a bhiodhte a’ cleachdadh an dà chuid airson còcaireachd agus blàths. Nuair a rinn mi sgrùdadh oirre, bha e follaiseach gum biodh feum aice air ìoc-chòmhdaich air a’ chraiceann loisgte agus sreath de dh’opairèiseanan beaga gus teannachadh lotan a corragan a sheachnadh – teannachadh a dh’fhàgadh a làmhan mar spuirean raga.

Mhìnich mi seo do na pàrantan aice. Thuirt mi riutha gum maireadh an nighean beò agus gun robh mi airson tòiseachadh a dhèanamh air an obair-lannsa cho luath ’s a ghabhadh. Bha banaltram Nepalach còmhla rium fhad ’s a bha mi a’ bruidhinn ris na pàrantan gus am bithinn cinnteach gun robh iad gam thuigsinn.

An ath mhadainn, nuair a chaidh mi dhan uàrd, fhuair mi a-mach gun robh an teaghlach air an t-ospadal fhàgail aig briseadh na fàire.

Dh’fhaighnich mi den bhanaltram dè a thachair.

‘Dh’fhalbh iad,’ ars ise.

 ‘Ach gun leigheas aig an ospadal, ’s e as coltaiche gum faigh an nighean bheag bàs,’ fhreagair mi.

‘Tha an t-àm ann a-nis ’son rus a chur,’ ars ise. ‘Mura cuir iad an rus, gheibh an teaghlach uile bàs.’

Chan fhaca mi an nighean bheag a-rithist.

Dealbh: G Cooper. An t-ospadal, Amp Pipal.

Previous
Previous

At Daybreak in Nepal

Next
Next

Serpents lurk under the Flowers