Aithreachas an t-Sionnaich

Bha solas fann na maidne a’ tighinn tro chraobhan na coille chun an àite far an robh an sionnach agus an easag ri còmhradh. Cha robh an sionnach air biadh a ghabhail fad dà latha – bha e a’ feuchainn ris an t-acras aige a chur an dara taobh.

Bhruidhinn e le faireachdainn làidir. ‘Tha mi cho duilich mun a h-uile càil,’ ars esan, ‘… cho duilich.’ Dh’imlich e a chasan gu smaointeachail.

‘Ach chan eil creutair ann air thalamh nach do rinn mearachd no dhà,’ ars an easag. ‘Am bu toil leibh innse dhomh dè a tha a’ ciùrradh ur cogais?’

Bha dath liath air peirceall an t-seann sionnaich, agus bha rìomhachas a bhèin ruaidh air a mhilleadh le ròineagan glasa agus làraichean a thug fianais air iomadh tuasaid. Bha samh air an anail aige – agus cha b’ e fàileadh cùbhraidh nan ròsan a bha ann idir.

‘’S dòcha nach bu chòir dhomh a bhith ag innse seo dhut,’ ars esan, ‘ach uaireigin, nuair a bha mi aig àirde mo neirt, bhris mi a-steach do thaigh-chearc agus mharbh mi agus reub mi o chèile a h-uile cearc a bha na bhroinn. Bha dusan dhiubh, co-dhiù. Ghiùlain mi tè air falbh. Dh’ith mi i. Ach carson a mhurt mi an fheadhainn eile?’ Chrath e a cheann.

Bha an easag na tost, ach bha a sùilean glàiste air an t-sionnach mar gun robh i airson an tuilleadh a chluinntinn air a’ chuspair.

‘Bha mi an-còmhnaidh dèidheil air na cearcan. Am fàileadh a th’ aca. Na h-itean aca. Agus, mar a thuigeadh tu, bha feum agam air biadh. Ach an oidhche ud, ghluais an t-eagal aca agus an sgreuchail aca mo chridhe gu seinn. Chan urrainn dhomh a mhìneachadh.’

Rinn sgiathan na h-easaig gluasad beag ach bha a h-aodann gun fhiamh. ‘Na bithibh ro throm oirbh fhèin,’ ars ise. ‘Aig amannan bidh beathaichean ciontach de mhurt agus de ghnìomhan oillteil, ach nam biodh fios againn air na bha gam buaireadh nam beatha phearsanta, bhiomaid a’ toirt mathanas dhaibh.’

Bha e follaiseach dhan t-sionnach gum b’ e eun còir coibhneil a bha anns an easaig. Ach, aig an aon àm, bha i àlainn air a leithid a dhòigh ’s gun robh i a’ toirt uisge gu fhiaclan.

Uair dha robh an saoghal, bha e air a bhith na shealgair math. Ach bha e air fàs sean agus lag – bha lùths a chasan air a threigsinn. Cha robh càil air fhàgail dha ach a sheòltachd – bha sin cho math ’s a bha i a-riamh.

Agus bha an t-acras ga tholladh.

 

Previous
Previous

The Repentance of the Fox

Next
Next

The Crisis