Am Briseadh A-steach

Dealbh: Eubha Mhoireasdan

Tha sinn uile air a’ chomhairle a chluinntinn – cha bu chòir dhuinn a bhith a’ tasgadh ionmhas air an talamh far an dèan an leòmann agus a’ mheirg sgrios agus far am faod mèirleach briseadh a-steach agus goid a dhèanamh.

Ach dh’fheumainn aideachadh gu bheil seòmair-leughaidh agam far a bheil mi a’ tasgadh nan leabhraichean a tha prìseil dhomh.

Tha e air a dhìon bho na h-oghaichean agam le geata aig bonn na staidhre. Mar sin dheth, bha mi den bheachd gun robh e sàbhailte gu leòr.

Latha a bha seo, fhad ’s a bha mi a’ sgioblachadh a’ chidsin an dèidh biadh a ghabhail còmhla ris an teaghlach, chuala mi fuaim shuas an staidhre. An robh mèirleach anns an taigh? Chaidh mi suas an staidhre feuch an glacainn an t-eucoireach.

Lorg mi Eubha, trì bliadhna a dh’aois, a’ rùrachadh anns an t-seòmar-leughaidh agam, a’ chiad uair a-riamh a bha i air briseadh a-steach air. Gu follaiseach, bha i air buaidh a thoirt air a’ gheata aig bonn na staidhre.

‘Eubha,’ arsa mise, ‘cha bu chòir dhut a bhith an seo. Seo an seòmar sònraichte agam.’

‘Na gabhaibh dragh, a Sheanair,’ fhreagair ise.

Rinn i fiamh a ghàire – bha i a’ feuchainn ri m’ inntinn a chur aig fois. ‘Carson nach dèan sinn selfie an seo?’ dh’fhaighnich i. ‘Càit’ a bheil am fòn-làimhe agaibh? Seallaidh mi dhuibh ciamar a nì sibh e.’

Bha agam ri gabhail ris gun robh an gadaiche beag air làmh-an-uachdar fhaighinn orm. Thug mi suas am fòn-làimhe agam dhi.

Previous
Previous

The Break-in

Next
Next

The Aspen Tree