Am Mac-talla
1243.
Chaidh i suas steapaichean na trèana. Smèid i rium. Mo nighean.
‘Gus an coinnich sinn a-rithist,’ thuirt mi rium fhìn.
Bha mi ag aithris nam facal a chanadh m’ athair rium o chionn dà fhichead bliadhna, agus e na sheasamh air an dearbh àrd-ùrlar rèile seo. Bha fiamh a ghàire air aodann ged a bha fhios agam gun robh a chridhe goirt a chionn ’s gun robh mi a’ tilleadh dhan bhaile-mhòr.
Nach ann mar seo a bhios ar beatha a’ gluasad air adhart, ge-tà? On uair a rugadh sinn a-mach, gach latha a’ gabhail ceum eile nas fhaide air falbh on dachaigh: a’ bhun-sgoil, an àrd-sgoil, an t-oilthigh, am baile-mòr, obair. A’ dealachadh. Ag ionnsachadh. A’ call neoichiontas.
An dèidh dhomh càr a cheannach, bhithinn a’ dràibheadh dhachaigh cho luath ris a’ ghaoith. ‘Bha mi còig mionaidean deug na bu luaithe na an trèana.’
‘Agus dè nì thu anns na còig mionaidean deug sin?’ bhiodh e a’ faighneachd dhìom, fo chùram mu mo dheidhinn. ‘Tha fhios agad nach ann do na daoine luatha a tha an rèis …’
Mar a chaidh na bliadhnaichean seachad, dh’fhàs mi cliùiteach mar neach-ealain. Bha eagal air m’ athair gum bithinn a’ cur cùl ris na nithean a bu chudromaiche.
‘Mura h-eil an ealain agad mun fhìrinn, cò mu dheidhinn a tha i?’ ars esan. Cha robh dùil aige ri freagairt.
Bha e moiteil asam, ach bha e airson gum bithinn ag iarraidh ‘nan seana cheuman’.
Dh’fhàs mo cheann liath. Bha an ròpa-ceangail mu dheireadh a bha eadarainn a’ lasachadh beag air bheag, ged nach do bhris e a-riamh – mar an còrd thrì dual a b’ àbhaist dha a bhith a’ bruidhinn air.
Mu dheireadh thall, thàinig an latha nuair a bha agam ri leigeil às an ròpa. Loisg e mo làmhan.
Bha mi nam sheasamh air an àrd-ùrlar rèile ged a bha an trèana air dol às an t-sealladh.
‘Gus an coinnich sinn a-rithist.’