Am Masg

Bha e air a brath, a’ gaolaireachd còmhla ris a’ bhoireannach shuarach sin.

Aig an toiseach, bhiodh i ri gul na h-aonar tron latha. Is iomadh oidhche a bha i na caithris. Ach chaidh sin seachad.

Bha fios aice gun robh roghainnean aice agus bheachdaich i orra uair is uair. Ach bhiodh i daonnan a’ tighinn air ais chun na h-aon smaoin – dè a’ bhuaidh a bheireadh seo air a’ chloinn aice? 

Am feasgar sin, fhad ’s a bha i a’ feitheamh gus an tigeadh an duine aice dhachaigh, chuir i air an telebhisean. Bha fear-poilitigs a’ bruidhinn ris a’ chamara. Bha e neònach a bhith ga fhaicinn gun chòmhdach-aghaidh air, a’ chiad uair bhon a chaidh na riaghailtean ùra a chur an gnìomh. Ach dè a bha anns an aghaidh aige, co-dhiù, ach seòrsa de mhasg, masg a bha e a’ cleachdadh gus na h-innleachdan aige a chumail am falach bho dhaoine eile? Bha a ghnùis cho neo-bheothail ri pìos feòla a chitheadh tu ann am bùth a’ bhùidseir. Cleasan agus cealgaireachd – bha i seachd searbh sgìth dhiubh. Chuir i dheth an telebhisean.

Ach ’s dòcha nach robh e cothromach a bhith a’ sònrachadh a-mach luchd-poilitigs mar seo. Nach robh masgan neo-fhaicsinneach air a’ mhòr-chuid de na daoine a b’ aithne dhi? Masgan a bha a’ cumail am falach rudeigin maslach bho na làithean a dh’fhalbh no faireachdainnean nach aidicheadh iad do dhuine sam bith … masgan a bha a’ cumail am falach briseadh-cridhe.

Nach robh masg oirre fhèin?

Chuala i brag an dorais, agus bha e ann, a’ crochadh a chòta air dubhan anns an trannsa.

Rinn i fiamh a ghàire ris. ‘Am bu toigh leat cupan teatha?’ dh’fhaighnich i.

 

(Mo thaing don nighean agam, Katie, airson a comhairle.)

‘The Earth is full of masks’ Ann Griffiths (1776 – 1805). Bha a’ bhàrdachd aice air a tionndadh bhon a’ Chuimris gu Beurla le Rowan Williams. 

 

Previous
Previous

The Mask

Next
Next

The Food Chain