An Deuchainn
Bha an oidhche ann, agus i a’ cur sneachda, nuair a bha gnogadh ann air doras-aghaidh an taighe.
Bha an t-seann chàraid dìreach air suidhe sìos ann an seasgaireachd a’ chidsin gus an dìnnear a ghabhail. B’ e an ceann-latha pòsaidh a bha ann agus bha botal fìon ann air a’ bhòrd. Ach mus robh cothrom aca balgam beag a ghabhail dheth chuala iad an gnogadh.
Chuir e clisgeadh air a’ bhoireannach. ‘Cò a th’ ann aig an doras air oidhche reòthta mar seo?’ ars ise. ‘Fuirich thusa an seo – tha do chruachann goirt an-diugh. Thèid mise ann.’
Nuair a dh’fhosgail i an doras, chunnaic i fear àrd na sheasamh air an staran. Bha cleòc fada air a bha còmhdaichte le sneachda. Tharraing e a churrac far a chinn gus am faiceadh am boireannach a ghnùis.
‘Tha mi duilich a bhith a’ cur dragh oirbh,’ ars esan gu modhail. ‘Tha mi nam thaistealach, a’ coiseachd do mhanachainn Phluscarden. Tha feum agam air fasgadh agus tàmh na h-oidhche. Am biodh sibh deònach cuideachadh a thoirt dhomh? No ’s dòcha gum moladh sibh taigh-aoigheachd a tha faisg air làimh?’
Cha tuirt am boireannach facal airson greiseag. Bha i ag amharc air gnùis an taistealaiche. ‘Thigibh a-steach,’ ars ise. ‘Tha seòmar againn dhuibh an seo. Thigibh a-steach don bhlàths. Tha mi cinnteach gu bheil sibh fuar.’
Bha an duine aice air na guthan a chluinntinn agus nochd e air a cùlaibh. Bha a shùilean glaiste air casan an taistealaiche, rùisgte anns na cuaranan aige.
‘Bha sinn a’ dol a ghabhail biadh,’ ars am boireannach. ‘Nach tig sibh a-steach dhan chidsin nuair a bhios sibh deiseil. Ach an toiseach, seallaidh mi dhuibh an seòmar-cadail agaibh.’
Air ais anns a’ chidsin, bha an dearg chuthach air fear an taighe. ‘Dè fon ghrèin ghil a tha thu a’ dèanamh, a’ toirt cuireadh do choigreach gu fuireach san taigh againn?’
‘Tha e na thaistealach, agus tha e feumach air fasgadh. Carson nach biomaid a’ toirt aoigheachd dha? Tha seòmar againn, agus biadh gu leòr.’
‘Ach cò às a thàinig e? Cò leis a tha e? Chan eil càil a dh’fhios againn,’ ars am fear, a’ feuchainn gun a bhith ag èigheach. ‘Dè nam murtadh e sinn nar cadal agus gum falbhadh e leis an telebhisean?’
‘Ach ’s e taistealach a th’ ann, agus a’ coiseachd,’ fhreagair ise. ‘Cha ghoideadh e an telebhisean, idir! Co-dhiù, thug mi sùil air aodann agus rinn mi co-dhùnadh. Sin e!’
‘A bheil thu às do rian? Thuirt e gur e taistealach a th’ ann! Am bi thu a’ creidsinn a h-uile facal a chluinneas tu?’
‘Ach nach do dh’ionnsaich sinn nar n-òige gum bu chòir dhuinn aoigheachd a nochdadh don choigreach? Dè bha sin a-rithist … gum biomaid a’ toirt aoigheachd do dh’ainglean gun fhios dhuinn?’
‘Tha cuimhn’ agam air. Ach cha robh fios againn sna làithean ud gun robh a leithid de Hannibal Lecter a’ dol mun cuairt. Tha sinn ann an staing!’ ars esan le tàir. ‘Taing dhutsa!’
Bha am boireannach fo sprochd.
Thionndaidh am fear air a shàil, ‘Thèid mi a bhruidhinn ris. Bheir mi mìneachadh dha.’
Bha an solas air ann an seòmar-cadail an taistealaiche agus bha an doras fosgailte. Thug fear an taighe sùil na bhroinn. Cha robh sgeul air an taistealach, ach dh’fhairich e fàileadh cùbhraidh san àile. Cha b’ urrainn dha ainmeachadh, ach chuir e lios lusanach gorm an t-samhraidh na inntinn. Ann am plathadh, chunnaic e a’ chraobh liathghorm air a breacadh le dealanan-dè. Thàinig fiamh a ghàire air aodann.
Anns a’ chidsin, bha a bhean a-nis ann am breislich. ‘Càit’ an deach e? A bheil e am falach an àite air choreigin san taigh? An cuala e sinn a’ bruidhinn? A bheil a’ mhàileid aige ann fhathast?’
‘An robh màileid aige? A bheil cuimhn’ agad?’ dh’fhaighnich am fear ann an guth sèimh. ‘Chan fhaca mise màileid sam bith.’
Chrath i a ceann. Bha na deòir a’ ruith sìos le a gruaidhean.
‘Na gabh dragh ma dheidhinn. Bheir mi sùil air an staran,’ ars am fear gu ciùin. ‘Tha mi ’n dùil gum faic mi lorgan-coise san t-sneachda ùr, a’ tighinn ’s a’ falbh.’
Chuir e air a chòta agus ad, thog e toirds, agus dh’fhosgail e an doras-aghaidh. Chunnaic e an sneachda gun smal. Cha robh fuaim ri chluinntinn. Choimhead e suas dhan fhailbhe mhòir, air na rionnagan thar cunntais a’ priobadaich gu h-àrd. Chaidh e a-mach dhan oidhche lainnirich.