An t-Amadan

’S e Tòmas Moireibh, amadan an Rìgh Sheumais a Ceithir, a dh’innseas an sgeulachd ‘An Ròs a Leigheas’ dhuinn. 

Bha amadain aig daoine beairteach air feadh an t-saoghail anns na linntean a dh’fhalbh. Uaireannan, bhiodh an t-àbhachdas aca ro gheur, ro sgaiteach – leugh mi mu dhithis air an deach binn bàis a thoirt a-mach! Ach sheachain na h-amadain ud am peanas aca: fhuair a’ chiad fhear cead airson ‘iarrtas deireannach’ a bhith aige – dh’iarr e air a mhaighstir gun leigeadh e leis am Bìoball air fad a leughadh, bho chòmhdach gu còmhdach, mus bàsaicheadh e; fhuair an dàrna fear cead dòigh a bhàis a thaghadh – thagh e ‘an t-seann aois’.  

 Seo sgeulachd dhualchasach.

Bha amadan aig seann uachdaran Gàidhealach – fear òg mun aon aois ri a mhic fhèin ged a bha e mar phàiste anns na rudan neònach èibhinn a chanadh e. A dh’aindeoin sin, bhiodh Gilleasbuig – sin an t-ainm a bh’ air – a’ faighinn gu cnag na cùise ann an gnothach toinnte nuair nach biodh duine eile a’ dèanamh bun no bàrr dheth. Bu tric a bhiodh an t-uachdaran agus an t-amadan nan suidhe ri tac an teine feasgar, agus iad a’ bruidhinn a-null agus a-nall còmhla ri chèile.

Mar chomharradh air a’ mheas a bh’ aige air, thug an t-uachdaran bata grinn do Ghilleasbuig. Ghiùlain an t-amadan am bata le moit mar shuaicheantas air a dhreuchd.

Chaidh na bliadhnaichean seachad gus an tàinig an latha anns an do dh’fhàs an t-uachdaran tinn. Nuair a bha e ri uchd bàis, chuir e fios air an amadan a chum ’s gun leigeadh e a bheannachd leis. Bha e faiceallach anns na thuirt e ris – cha robh e airson Gilleasbuig a chur fo sprochd.

‘Beannachd leat, a Ghilleasbuig,’ ars esan. ‘Tha e glè choltach gur e seo àm bàis dhòmhsa. Feumaidh mi falbh.’

‘Agus càite a bheil sibh a’ dol?’ dh’fhaighnich Gilleasbuig.

‘Ò, chan eil fhios agam,’ fhreagair an t-uachdaran.

‘Tha sibh a’ falbh,’ arsa Gilleasbuig, ‘ach chan eil fhios agaibh càite a bheil sibh a’ dol! Seo dhuibh am bata – is sibhse amadan mòran nas motha na mise!’

 

(Le taing don leabhar An Iuchair Òir, searmonan leis an Urr Calum MacLeòid, deasaichte le Tòmas MacCalmain, Stirling Tract Enterprise 1950.)

Previous
Previous

The Fool

Next
Next

Nightmare on Jephthah Street