Sùil air ais air a' Phandemic
Cha b' fhada gus an robh e follaiseach gun robh siubhal bho bhaile-mòr gu baile-mòr agus bho dhùthaich gu dùthaich cunnartach.
Chaidh riaghailtean a thaobh cuarantain a stèidheachadh agus a thoirt gu buil gun dàil.
Bha masgan agus astar sòisealta air am moladh mar ro-innleachdan gus bacadh a chur air a’ ghalar ghabhaltach.
Chaidh coinneamhan a thoirmisg mura biodh iad air an cumail air a' bhlàr a-muigh.
Bha na h-eaglaisean air an dùnadh fad grunn mhìosan.
Bha an tinneas marbhtach do na seann daoine agus dhaibhsan a bha lag nam bodhaig.
Chaidh gu math do na daoine aig an robh taigh-samhraidh air an dùthaich anns am fuiricheadh iad airson greis.
Chuir a' mhuinntir a bha tinn uallach trom air na h-ospadalan.
Dh'obraich cuid de na lighichean agus na banaltraman gu cruaidh, gu neo-fhèineil – choisinn iad urram àrd dhaibh fhèin.
Dh’fhàg bacaidhean-siubhail agus bacaidhean-obrach luchd-ceàirde agus gnìomhachasan ann am bochdainn.
Bho thasglann baile-mòr Obar Dheathain aig àm na Plàighe Mòire, 1648
(Iomradh: Aberdeen Before 1800. A New History deasaichte le E Patricia Dennison, David Ditchburn agus Michael Lynch, Tuckwell Press, East Linton 2001).