A’ Churracag
Chunnaic mi thu anns a’ mhadainn fhad ’s a bha mi a’ coiseachd don bhun-sgoil: ag itealachadh gu h-àrd, a’ dol car air char, a’ tuiteam gu talamh mar chloich. Neoichiontach mar a bha mi, agus gun fhios agam dè a b’ adhbhar air do ghiùlan, bha mi den bheachd gun robh thu dìreach a’ feuchainn ri gàire a thoirt orm le bhith a’ lùbadh agus a’ dèanamh slighe cham-fhiarach os cionn nan achaidhean.
Nach bu tusa a bha brèagha! Na h-iteagan uaine air d’ amhaich agus air do sgiathan a’ boillsgeadh anns a’ ghrèin, do bhrù gheal a’ deàrrsadh nuair a dhèanadh tu fear de na cleasan agad. B’ e ‘peesie-weet’ a bha aig mo charaidean aig an sgoil ort, a’ dèanamh fuaim mar an glaodh agad – leis an fhìrinn innse, cha bu tusa an seinneadair a b’ fheàrr idir.
Bha mi air falbh fad an fheasgair, ri obair air choreigin a bha cudromach dhomh aig an àm. Tha mi duilich – tha mi an dòchas nach robh thu a’ smaoineachadh gun robh mi air fàs coma mu do dheidhinn.
A-nis tha am feasgar a’ ciaradh, agus trì fichead bliadhna air dol seachad. Chan eil sgeul ort, no air do chloinn, no air clann do chloinne, anns na h-àiteachan far am b’ àbhaist dhuinn a bhith a’ coinneachadh.
Tha mi gad ionndrainn anns a’ ghleann seo far a bheil an t-eòrna buidhe ag abachadh.
(‘This familiar farmland bird has suffered significant declines recently and is now a Red List species’ rspb.org.uk)
Taing do mo nighean, Ceiteag, airson a comhairle.