‘Is Ròs o Sharon Mise, Lili nan Gleann’

Is e seo dara ro-sgrìobhadh na nobhail, An Ròs a Leigheas. Ach dè, no cò, a bha ann an Ròs o Sharon?

Tha Sharon na chòmhnard mu chost an iar Phalestine, 89 cilemeatairean a dh’fhaid, deas air Beinn Charmel. Gu ruige an 18mh linn bha e còmhdaichte le coilltean ach, an-diugh, tha mòran de na h-Iùdhaich a’ gabhail còmhnaidh ann; tha orainsearan agus seadagan a’ fàs ann am pailteas air an talamh thorrach.

Nochd an ròs anns an leth-chruinne a tuath an dèidh linn nan dìneasairean ach mus robh Homo sapiens ann – o chionn eadar 200 millean bliadhna agus 130 millean bliadhna. A dh’aindeoin sin, tha na luibh-eòlaichean den bheachd nach robh ròsan a’ fàs ann am Palestine aig an àm nuair a bha daoine a’ sgrìobhadh leabhraichean an t-Seann Tiomnaidh. Mar sin dheth, chan eil e coltach gun robh ‘an Ròs o Sharon’ na bhall den ghnè Rosa – chan eil e soilleir dè as ciall den fhacal Eabhra a tha air eadar-theangachadh mar ‘ròs’ ach a-mhàin gur e flùr air choreigin a bha ann. 

Tha an ro-sgrìobhadh ri leughadh ann an Dàn Sholaimh. Ged is e fear de na leabhraichean as giorra anns an t-Seann Tiomnadh, ’s e leabhar cudromach a tha ann – thar nan linntean tha na sgoilearan air barrachd a sgrìobhadh air na air leabhar sam bith eile anns a’ Bhìoball ach a-mhàin Genesis agus na Sailm. Ann am beachd mhòran, ’s e a tha anns an leabhar samhla air gràdh Dhè air an Eaglais aige. Nan gabhamaid ris a’ mhìneachadh seo, ’s e guth Chrìosda a tha ag ràdh ‘Is ròs o Sharon mise’.

Tha grunn abairtean ainmeil anns an leabhar, m.e. lili am measg droighnich (ged a tha ‘ròs am measg droighnich’ nas cumanta ann an cainnt làitheil); làidir mar am bàs tha an gràdhchan urrainn uisgeachan lìonmhor an gràdh a mhùchadh. Tha Dàn Sholaimh air a bhith glè chudromach ann an Crìosdaidheachd na Gàidhealtachd: tha na faclan ‘gus am bris an là’, a nochdas dà uair anns an Dàn, rim faicinn air leacan-uaighe; tha Pàdraig Grannd agus Catrìona NicDhòmhnaill air iomradh a dhèanamh air Dàn Sholaimh anns a’ bhàrdachd aca; agus chleachd an t-Urr Calum MacLeòid, ministear Bhoth Chuidir, rannan bhon Dàn mar cheann-teagaisg ann an dà de na seachd searmonan air fhichead aige anns an leabhar An Iuchair Òir.

Mar dara ro-sgrìobhadh na nobhail, An Ròs a Leigheas, tha e a’ tarraing ciall nas doimhne a-mach à tiotal an leabhair agus a’ cur ri na sgrìobh mi anns a’ bhlog mu dheireadh agam, ‘Ola nan Ròsan’. 

 

Mòran taing do Mhairead NicÌomhair airson a comhairle.

 

Previous
Previous

‘I am the Rose of Sharon, the Lily of the Glen’

Next
Next

Oil of Roses