Marbhrann do Ghràineag
Tha e na urram dhomh facal no dhà a ràdh air ar caraid chòir nach maireann – Gràineag.
Rugadh agus thogadh Gràineag anns a’ choille-bheithe agus b’ ann an sin a gheibheadh e fois agus suaimhneas fad a bheatha. Chan fhàgadh e a’ choille ach a-mhàin air an oidhche, agus bha e diùid a’ dol mun cuairt anns an t-saoghal mhòr – nan tigeadh creutair sam bith faisg air, bhiodh e ga roileagadh fhèin suas ann am ball teann.
Bha an t-ainm aige – ‘Gràineag’ – na chùis-mhaslaidh dha. Bha e an-còmhnaidh a’ cur na chuimhne gun robh mac an duine a’ dèanamh tàire air. Mar a tha fios agaibh uile, tha gràineagan buailteach a bhith a’ goid agus ag ithe uighean nan eun, agus tha mi an dùil nach robh Gràineag neoichiontach den eucoir seo – ach an neach agaibhse a tha gun pheacadh, tilgeadh e a’ chiad chlach air.
Cha do ghabh Gràineag gnothach ri nithean mòra, no ri nithean a bha ro àrd air a shon. Thuirt cuid nach do dh’fhiosraich e fìor-ghràdh a-riamh na bheatha. Ach ’s e an fhìrinn a th’ ann gun robh e a’ creidsinn gu domhainn, gu goirt, nach robh e math gu leòr, nach robh e airidh air gràdh. An do dh’ionnsaich e sin aig glùin a mhàthar?
Bha cumadh cruinn taitneach air Gràineag, mar thulach beag, ach cha robh e fèitheach idir. B’ e miann a chridhe a bhith a’ falbh air iteig mar na h-eòin – bha e air a bheò-ghlacadh leotha – ach mar a thuigeadh sibh, cha robh ann an sin ach aisling.
Cha robh e bras na nàdar. Cha robh e math air sabaid. Nuair a thigeadh e fo ionnsaigh, chuireadh e earbsa anns na bioran aige, ach aig deireadh an latha cha robh iad gu mòran feum dha.
Mar ghràineagan eile, bha sròn gheur aige ach bha fhradharc agus a chlaisneachd lag. Agus dh’èirich do Ghràineag mar a dh’èirich dhan luchd-dàimh aige uair agus uair air feadh an t-saoghail – cha robh ùine gu leòr aige airson teicheadh nuair a bhuail e air gun robh solais-mhòra a’ chàir a’ tighinn dha ionnsaigh.
A chàirdean, cromamaid ar cinn agus cuimhnicheamaid air.