Ola nan Ròsan
No man can say, no man remember, how many uses there are for Oil of Roses as a cure for mankind’s ailments. Walahfrid Strabo (808 – 849)
Tha na faclan seo a’ nochdadh mar a’ chiad ro-sgrìobhadh anns an nobhail, An Ròs a Leigheas.
Nuair a sgrìobh am manach Gearmailteach Walahfrid Strabo a’ bhàrdachd aige Hortulus (An Lios Beag), bha an ròs air a bhith ga chleachdadh mar leigheas fad mòran linntean. ’S dòcha gun robh Walahfrid eòlach air làmh-sgrìobhainnean an Ròmanaich Pliny a bu shine (23 – 79 AD) anns an do mhol e bileagan nan ròsan air am pronnadh no air an tiormachadh mar chungaidh-leighis do dh’iomadh seòrsa tinneis.
Tha e iongantach gun do rinn Walahfrid luaidh, anns an naoidheamh linn, air ola nan ròsan seach na bileagan. Cha robh grùdadh ach aig ìre thràth aig an àm – b’ ann mar thoradh air gnìomhachas na cùbhrachd ann am Persia anns na linntean a lean a thàinig leasachadh air a’ phròiseas.
Anns a’ cheathramh linn deug, rinn Lanfranc – lannsair Eadailteach a dh’fhàs gu bhith cliùiteach ann am Paris – iomradh air ola nan ròsan mar ìoc-shlàint ann an obair-lannsa. Chleachdadh e an ola air na fulangaichean a chaidh a lotadh le claidheamh. Agus bhiodh an lannsair ainmeil Frangach Ambroise Paré (1510 – 1590) a’ cur ola nan ròsan, air a mheasgachadh le buidheagan uighe, air na lotan a rinneadh le musgaidean agus gunnaichean eile.
Bhathas a’ creidsinn gun robh ola nan ròsan luachmhor mar leigheas ceangailteach – bheireadh i air an fheòil leònte teannachadh gus nach biodh i a’ call uiread de dh’fhuil no meug fala.
Tha ùidh aig lighichean fhathast ann an ola nan ròsan, gu h-àraidh anns an Ear-Mheadhan – tha cuid den bheachd gu bheil an ola èifeachdach ann a bhith a’ mùchadh pian. Tha rannsachadh a’ dol air adhart feuch am biodh ola nan ròsan a’ dèanamh feum do dhaoine air a bheil seargadh-inntinn.
Anns an latha an-diugh, tha ròsan air am buain mar bhàrr anns an Tuirc agus anns a’ Bhulgaire – bidh feum air ceithir mìle cileagram de ròsan airson cileagram ola nan ròsan a dhèanamh. ’S e gnìomhachas cudromach a th’ ann: ann an 2015, mar eisimpleir, chosg cileagram den ola Thuircich € 9000 agus choisinn an Tuirc còrr is € 8 millean bho bhith ga reic ri dùthchannan eile.