An Sreath-bìdh

Dealbh: studynlearn.com

(Tha an sgeulachd seo a’ leantainn a’ bhloga ‘Fon Chraoibh’ – 16mh den Dùbhlachd 2021)

Ospadal Bhail’ Edein, 1987. Bha an naidheachd gun robh gaol aig Mgr Nahir air an Dr Ashington ann am beul a’ bhaile. A-nis, bha an lannsair air fios a chur orm – b’ e droch mhanadh a bha ann. Mus do rinn mi gnogadh air doras na h-oifis aige, thug mi sùil air na bha sgrìobhte air a’ phleit-ainm ann an litrichean mòra – ‘Mgr N Nahir MD FRCS. Ceannard Roinn na h-Obrach-lannsa’. Chaidh mi a-steach don t-seòmar mhòr spaideil aige.

Mar a bha dùil agam, cha robh an lannsair ann an deagh thriom idir. ‘Sa mhadainn an-diugh,’ ars esan, ‘bha mi a’ còmhradh ris an Dr Gardiner. A-rèir coltais, tha fathann a’ dol mun cuairt gun tuirt mi rudeigin … mì-mhodhail ris a’ mhnaoi aige, an Dr Ashington, aig àm na Nollaige.’

Choimhead e orm gu geur.

‘Cò às a thàinig a leithid de dh’amaideas? An tuirt thu fhèin rud sam bith mun chuspair seo?’ dh’fhaighnich e gu crosta. ‘Mas math mo chuimhne, cha robh duine eile an làthair ach thu fhèin nuair a chaidh mi a ghuidhe Nollaig Chridheil don Dr Ashington. Bidh cuimhne agad nach tuirt mi càil mì-iomchaidh rithe.’

Bha an guth agam làn misneachd ach modhail nuair a fhreagair mi, ‘Cha tuirt mi guth, a Shir. Cha robh mi a’ bruidhinn ris an Dr Gardiner o chionn ghoirid. Agus mar a tha fios agaibh, tha mi dìleas dhuibh, gu cùl an droma.’

‘A bheil?’ dh’fhaighnich esan gu sgaiteach. Leig mi orm nach do mhothaich mi gun robh e a’ toirt beum dhomh. ‘Bidh cuimhne agad gu bheil agus gum bi do dhreuchd mar lannsair a’ crochadh air an deagh-ghean agamsa agus air an teisteanas a sgrìobhas mi dhut.’ 

Bha sin fìor, gun teagamh. Bha mi a’ rannsachadh m’ eanchainn, feuch an robh rud sam bith innte a dhèanadh feum dhomh. Mus robh cothrom agam facal a ràdh, ge-tà, thòisich a’ fòn air an deasg aige ri seirm. Bhrùth e am putan-glaodhaire agus dh’èigh e ‘Nahir!’ 

B’ e guth an rùnaire aige a chuala sinn, ‘’S e am BBC a th’ air an loidhne, a Mhaighstir Nahir. Tha iad airson bruidhinn ribh mun t-sreath ùr aca, ‘Lannsairean Gaisgeil’.

Ann am priobadh na sùla, thàinig atharrachadh air aodann Mhgr Nahir. Rinn e fiamh a ghàire ris a’ ghlaodhaire mar gun robh e ann an sunnd math, ‘Tapadh leat, a Shanndra. Nach cuir thu troimhe iad?’ 

An dèidh gliog no dhà, chualas guth tè a’ BhBC. ‘Feasgar math dhuibh, a Mhaighstir Nahir. Is mise Marianna Nic a’ Ghobhainn, ban-riochdaire a’ phrògraim ‘Lannsairean Gaisgeil An Latha An-diugh’. Saoil am biodh sibh deònach nochdadh ann am fear de na prògraman againn, fear a bhios a’ moladh gu sònraichte lannsairean mar sibh fhèin a tha nam brosnachadh mòr do na lannsairean òga?’

‘Bhitheadh, gu dearbh! Bhithinn air mo dhòigh pàirt a ghabhail anns a’ phrògram,’ ars esan le gàire. ‘Tha an Dr Greum Lamb, am preantas agam, còmhla rium an-dràsta – fear air leth math, feumaidh mi a ràdh. Thug mi cuireadh dha tighinn don oifis agam. Bha mi air uair a thìde a chur seachad nam chlàr-ama airson èisteachd ri a bheachd air an trèanadh aige – feuch am faodadh e a bhith na b’ fheàrr ann an dòigh sam bith. Nach eil sin ceart, a Ghreum?’

Thàinig e a-steach orm anns a’ bhad nach bithinn a’ faighinn cothrom mar seo a-rithist. Bhruidhinn mi ris a’ mhaicreafòn gu dìreach airson gun dèanainn cinnteach gun cluinneadh ban-riochdaire a’ BhBC gu soilleir mi. ‘Tha, a Mhaighstir Nahir,’ arsa mise. ‘Tha mi fada fada nur comain airson a h-uile rud a dh’ionnsaich mi fo ur stiùireadh. Agus chan e sin dìreach mu obair-lannsa. Bhuaibhse, tha mi air ionnsachadh ciamar a bu chòir dhomh a bhith gam ghiùlan fhèin mar dhuine uasal agus mar cho-obraiche math. Agus tha mi air mo bhualadh balbh leis an teisteanas a tha sibh a’ dol a sgrìobhadh dhomh. Mar thoradh air na faclan fialaidh còire agaibh, chan eil teagamh agam nach fhaigh mi adhartas nam dhreuchd. Bu toigh leam lethbhreac den teisteanas a chur chun a’ BhBC gun dàil mar fhianais air an taic air leth math a tha sibh a’ toirt dhomh.’ 

Gu h-iongantach, cha do chuir an dànadas agam fearg air Mgr Nahir idir. Chòrd e ris gun robh mi air an eirmse agam a chleachdadh gu mo shàbhaladh fhèin nuair a bha mi ann an staing. Bha e air a dhòigh glan nuair a nochd e air an telebhisean mar ‘Lannsair Gaisgeil’. Cheannaich e dà dhusan botal de dh’fhìon cosgail agus bha oidhche mhòr ann aig an taigh aige.

 

Previous
Previous

The Food Chain

Next
Next

The Blood Transfusion, 1667