Smuain na Maidne, Diardaoin 13mh den Ghearran

Madainn mhath.

An t-seachdain seo, tha mi a’ meòrachadh air eachdraidh tinneas Hansen, no an luibhre.

Anns an fhicheadamh linn, thàinig atharrachadh mòr air leigheas na luibhre. Ann an naoi ceud deug seachd-deug air fhichead, chaidh a’ chungaidh-leighis Dapsone a chur gu feum ’son a’ chiad uair – agus bha i buadhmhor. Anns na h-ochdadan, chuir iad Rifampicin agus Clofazimine ris an leigheas. ’S dòcha gum biodh feum aig an euslainteach air bliadhna a thìde den Multi Drug Therapy seo, ach thathar a’ tomhas gun deach còig millean deug euslainteach a shlànachadh leis, thairis air an fhichead bliadhna mu dheireadh.

Aig an aon àm, bha adhartas ann an anaesthesia agus ann an obair-lannsa a cheadaicheadh opairèiseanan a bheireadh taic do na fèithean laga agus a chàiricheadh na sròinean millte.

B’ e aon de na prìomh lannsairean a rinn an obair seo an lighiche Sasannach, an Dr Paul Brand. Chaidh esan do na h-Innseachan an dèidh an Dàrna Cogaidh a thoirt cobhair is cuideachadh dhaibhsan a bha a’ fulang leis an luibhre. Bha e ainmeil airson na rinn e de tendon transfer, opairèisean anns am bi an lannsair a’ gluasad fèith làidir gus an gabhadh i thairis obair na fèithe laige.

Bha ùidh shònraichte aig an Dr Brand anns a’ mhilleadh a rinn an luibhre air na nearbhaichean. Rinn e rannsachadh agus sgrìobh e air a’ chuspair.

Ann an ro-ràdh an leabhair aige, The Gift of Pain, sgrìobh co-obraiche an ùghdair gun robh Dr Brand na lannsair sgileil agus na dheagh neach-saidheans ach aig an aon àm gun robh e, mar dhuine, ìriosal agus cho fìor choibhneil ris a h-uile duine.

Tha cumhachd a’ choibhneis a’ ruith mar shnàth tro sgeulachd na luibhre.

Latha math dhuibh.

Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.

 Mar chuimhneachan air Dòmhnall Iain MacLeòid, nach maireann. Caraid dìleas.

Previous
Previous

Thought for the Day, Thursday 13th of February

Next
Next

Thought for the Day, Wednesday 12th February