Smuain na Maidne, Diciadain 12mh den Ghearran
Madainn mhath.
Anns na smuaintean agam, tha mi a’ meòrachadh air tinneas Hansen, no an luibhre.
Ach, cò e Hansen?
’S e lighiche Nirribheach a bha ann an Gerhard Hansen. Ann an ochd ceud deug trì fichead ’s a trì-deug lorg e a’ mheanbhag, no bacterium, Mycobacterium Leprae, adhbhar na luibhre, meanbhag den aon teaghlach ’s a tha an tè a dh’adhbhraicheas a’ chaitheamh. Cha robh leigheas ann fhathast ach bha an diagnos na bu chinntiche.
Mun aon àm chaidh fear eile, Wellesley Bailey, do na h-Innseachan an dùil gum faigheadh e cosnadh mar phoileas. Bha oillt agus uamhas air nuair a chunnaic e daoine air an robh an luibhre a’ fuireach mar dhìobaraich gun dhòchas aig oir nam bailtean. Nuair a thill e dhachaigh a dh’Èirinn, thòisich e air na h-Èireannaich fhoghlam mun luibhre, iomairt a dh’fhàsadh gu bhith cliùiteach mar The Leprosy Mission.
Bhrosnaich dìcheall Bhailey, beag air bheag, ùidh anns an luibhre agus, an ceann grunn bhliadhnaichean, taic eadar-nàiseanta. Thòisich lighichean air rannsachadh a dhèanamh air a’ ghalar – gu h-iongantach, fhuair iad a-mach nach robh an luibhre cho gabhaltach idir, gu bheil dìonachd no immunity aig a’ mhòr-chuid de dhaoine na h-aghaidh.
Mus deach Bailey do na h-Innseachan, bha e air a bhith ann an Astràilia, a’ sireadh fhortan ann a bhith a’ cladhach òr. Ach cha do shoirbhich leis. Rinn na chunnaic e den luibhre anns na h-Innseachan atharrachadh mòr na bheatha. An dèidh a bhàis, sgrìobh ogha mu dheidhinn ged nach robh e na naomh, nach tuirt e a-riamh na bheatha facal mì-choibhneil mu dhuine sam bith.
Bha e coibhneil.
Leugh mi o chionn goirid gu bheil trì nithean ann a tha cudromach nar giùlan a thaobh càch a chèile: ’s e a’ chiad rud, coibhneas; an dàrna rud, coibhneas; agus an treas rud, coibhneas.
Latha math dhuibh.
Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.
Mar chuimhneachan air Dòmhnall Iain MacLeòid, nach maireann. Caraid dìleas.