Smuain na Maidne, Dihaoine 14mh den Ghearran
Madainn mhath.
Tha mi air a bhith a’ meòrachadh air sgeulachd tinneas Hansen, no an luibhre mar as fheàrr a dh’aithnichear e.
Anns an latha an-diugh, ’s ann ainneamh a chitheadh sibh an luibhre ann am Breatainn ach tha i cumanta fhathast anns na h-Innseachan, ann am Brasil agus ann an Indonesia. Bidh mu cheud gu leth mìle cùis ùr gan clàradh gach bliadhna, bho cheud dùthaich eadar-dhealaichte.
Bidh cungaidh-leighis agus obair-lannsa a’ dèanamh feum cho mòr do na daoine air a bheil an luibhre a-nis. Dè a tha fhathast ri dhèanamh?
Uill, tha an stiogma agus na laghannan an aghaidh nan daoine seo a’ leantainn orra. Tha còrr is ceud lagh ann, a’ sònrachadh sgaradh sòisealta agus a’ cur bacadh air cothroman obrach, siubhail agus visathan. Tha buidhnean oifigeil eadar-nàiseanta ag obair gu dìcheallach feuch am faigh iad na laghannan seo a dhèanamh nas cothromaiche.
Tha oidhirp eile a’ dol, a’ feuchainn ris an t-ainm ‘an luibhre’ a chur à bith agus an t-ainm ‘tinneas Hansen’ a chur na àite.
Diluain, bha mi a’ cuimhneachadh air mar a bhean Ìosa ris an duine air an robh an luibhre. Cha robh feum aig Ìosa beantainn ris gus a shlànachadh – bhean e ris gus coibhneas-gràidh a nochdadh dha.
Bha Ìosa a’ toirt eisimpleir chumhachdach dhuinn uile, mar a bu chòir dhuinn a bhith a’ sìneadh a-mach ar làmhan le coibhneas, chan ann a-mhàin do na daoine air a bheil an luibhre, ach dhan a h-uile duine a tha fo stiogma agus a’ fulang mì-cheartas den t-seòrsa seo anns an t-saoghal a tha againn an-diugh.
Latha math dhuibh.
Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.
Mar chuimhneachan air Dòmhnall Iain MacLeòid, nach maireann. Caraid dìleas.