Smuain na Maidne, Diluain 10mh den Ghearran

Madainn mhath.

Ann an naoi ceud deug trì fichead ’s a sia-deug, bha mi nam oileanach meidigeach ann an Nepal, ag ionnsachadh bho lighiche Astràilianach.

Rinn i sgrùdadh air euslainteach agus an uair sin thionndaidh i rium.

‘Tinneas Hansen’, thuirt i, gu socair.

Tinneas Hansen. Ainm eile airson na luibhre, tinneas cho eagallach ’s nach robh i airson ainmeachadh ann an èisteachd an euslaintich agus a theaghlaich.

Carson a bha e cho eagallach? Bha fios aig an lighiche gum biodh an t-euslainteach air a shlànachadh le cungaidh-leighis. Ach bhiodh an stiogma agus an leth-bhreith fhathast ann. Stiogma a bha a’ faighinn taic bho laghannan ann an cuid de na dùtchannan an Ear, a’ sònrachadh sgaradh sòisealta, agus a’ cur bacadh air cothroman obrach agus siubhail.

Cha robh càil às ùr ann an seo. Ann am Palastain aig àm Chrìosd, bhiodh daoine air an robh an luibhre air an tilgeil a-mach às an coimhearsnachd agus a’ call an teaghlaich. Cha deidheadh daoine slàn’ faisg a’ mhìle orra – nam biodh iad a’ beantainn ri duine air an robh an luibhre, bhiodh iad neòghlan a rèir nan laghan Iùdhach.

Ann an Soisgeal Mhata, caibideil a h-ochd, tha cunntas againn air mìorbhail a rinn Ìosa.    Thàinig fear air an robh an luibhre dha ionnsaigh agus chaidh e air a ghlùinean. ‘A Thighearna,’ thuirt e, ‘mas àill leat, is comasach thu air mise a ghlanadh.’ Shìn Ìosa a-mach a làmh agus bhean e ris, ag ràdh, ‘Is àill leam. Bi thusa glan.’

Tha mi cinnteach gun do bhean Ìosa ris an duine le coibhneas-gràidh agus co-fhaireachdainn.

Anns an t-saoghal againn fhìn, is math nuair a gheibh coibhneas agus tròcair làmh-an-uachdar air stiogma agus leth-bhreith.

Latha math dhuibh.

Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.

Mar chuimhneachan air Dòmhnall Iain MacLeòid nach maireann.

Previous
Previous

Thought for the Day, Monday, 10th February

Next
Next

There is Nothing New under the Sun