Smuain na Maidne, Dimàirt 11mh den Ghearran

Madainn mhath.

An-dè, bha mi a’ meòrachadh air tinneas Hansen, no an luibhre.

Tha e coltach gun do thòisich an luibhre ann an Àsia fada ro linn Chrìosd. ’S e tinneas craicinn a tha ann, ach tha e a’ dèanamh cron air structuran dlùth ris a’ chraiceann, gu h-araid air nearbhaichean nan casan agus nan gàirdeanan, agus air cnàmhan na sròine. ’S e an cron seo a tha ri choireachadh airson pairilis, agus airson milleadh na sròine.

Mar thoradh air na làraichean a dh’fhàgas an luibhre air na cnàmhan, ’s urrainn do na h-àrc-eòlaichean slighe an tinneis thar nan linntean a’ leantainn bho Àisia gu cost an iar na Roinn Eòrpa. O chionn còig ceud bliadhna air ais, bha an luibhre mar phlàigh air muinntir na h-Alba. Bha mu fhichead ospadal na luibhre anns an dùthaich, fear no dhà ri taobh gach baile mòr.

’S e adhbhar-eagail a bha anns an luibhre, gu ìre cho mòr ’s gun robh na pearsachan-eaglais ga deasbad uair is uair anns na Meadhan-aoisean. Ann an Alba, b’ fheudar do na daoine air an robh an luibhre an coimhearsnachd fhàgail agus fuireach air leth ann an ospadal na luibhre. Bha peanasan cruaidh ann dhaibhsan a bhriseadh an lagh ach, a dh’aindeoin sin, tha fianais ann gun robh tròcair ga nochdadh do na daoine truagha seo. Nuair a bha na h-àrc-eòlaichean a’ sgrùdadh làrach manachainn nan Carmeliteach ann an Obar Dheathain, lorg iad cnàimhneach fireann air an robh an luibhre, duine a chaochail anns a’ mhanachainn fhèin, còrr is mìle air falbh bho ospadal luibhre Naoimh Anna.

Bha na manaich agus na mnathan-cràbhaidh a’ leantainn ceumannan Ìosa, a dh’aindeoin an eagail, a dh’aindeoin an stiogma, agus a’ cumail air chuimhne faclan an Abstoil Phòil gum bu chòir dhuinn a bhith ‘coibhneil agus teò-chridheach da chèile.’

Latha math dhuibh.

Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.

Mar chuimhneachan air Dòmhnall Iain MacLeòid, nach maireann. Caraid dìleas.

Previous
Previous

Thought for the Day, Tuesday 11th February

Next
Next

Thought for the Day, Monday, 10th February