Tha Latha Nas Fheàrr a’ Briseadh
Bha faisg air ceud duine – ceannardan, uachdaranan agus pearsachan-eaglais – cruinn còmhla anns an talla bheag.
Dh’èirich neach-gairm na h-àrd-chomhairle air a chasan – b’ e duine liath a bha ann, a’ sreap ri trì fichead ’s a deich bliadhna a dh’aois. Chaidh a h-uile duine nan tost.
‘Fàilte oirbh, a chàirdean còire,’ ars an neach-gairm le fiamh a ghàire.
‘Tha làn fhios agam gu bheil feadhainn agaibh air a bhith an sgòrnanan a chèile anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Biodh sin mar a bhitheadh, dh’iarrainn oirbh, le spèis, gach mì-rùn agus amharas a chur an dara taobh an-diugh.
‘Dh’iarrainn oirbh sin a dhèanamh a chionn ’s gu bheil lagh ùr agam, lagh air leth cudromach, ri chur fa ur comhair.
‘A bheil duine sam bith an làthair nach fhaca le a shùilean fhèin corp leanaibh no pàiste a chaidh a mharbhadh anns a’ chath agus nach cuala caoidh agus gul, màthraichean a’ gul airson an cloinne a chionn ’s nach eil iad beò?
‘A bheil duine sam bith an làthair nach fhaca leanabh no pàiste ann an àmhghar, a’ caoineadh ri taobh corp fuar a mhàthar air blàr a’ chogaidh?
‘A chàirdean còire, tha mi a’ cur fa ur comhair Lagh nan Neoichiontach, an Lex Innocentium, a tha a’ sònrachadh gu bheil e toirmisgte do na curaidhean againn boireannaich, no clann, no daoine cràbhach a leòn no a mhurt air chor sam bith.
‘Chan eil, agus cha robh a-riamh, lagh mar seo ann gus an luchd neo-chòmhragach a dhìon ged a tha mac an duine air a bhith a’ gabhail tlachd ann an cogadh bho thoiseach tìme.
‘Ach an-diugh tha sinn nar daoine treuna, cearta, tròcaireach. Tha latha nas fheàrr a’ briseadh. Nach toir sinn bòid gun gabh sinn ri Lagh nan Neoichiontach le ar n-uile chridhe gus nach fhaic sinn casgradh an luchd neo-chòmhragaich gu bràth tuilleadh?’
‘A chàirdean còire, an èireadh sibh air ur casan, mas e ur toil e, mar chomharradh gu bheil sibh airson an reachdas ùr seo a dhaingneachadh?’
A dh’aon inntinn, dh’èirich a h-uile duine anns an talla air an casan.
Seanadh Bhirr, Èirinn, a’ Chèitean 697 AD.
Iar-fhacal. Ann an 697 AD, ghairm Adhamhnan, naoidheamh Aba Eilean Idhe, àrd-chomhairle no seanadh ann am Birr, baile beag ann am meadhan na h-Èireann. Bha Adhamhnan iomraiteach mar fhear air leth comasach agus thàinig na rìghrean, na tighearnan-cogaidh, na ceannardan agus na pearsachan-eaglais a bu bhuadhmhoire ann am Breatann agus ann an Èirinn chun na h-àrd-chomhairle. Chuir ceithir fichead fear agus a h-aon-deug an ainmean ris an Lex Innocentium an latha ud.
Cha robh lagh na bu shoilleire ann a thaobh an luchd neo-chòmhragaich gus an deach Ceathramh Cunnradh Ghenève a dhaingneachadh ann an 1949.