Trom-laighe air Sràid Jephthah

Bha am feasgar bruthainneach a’ ciaradh. Tha mi a’ smaoineachadh gun robh mi a’ tighinn dhachaigh bhon bhùth ach cha robh mi a’ giùlan càil.

Air adhbhar air choreigin, cha do chuir e iongnadh orm idir nuair a chunnaic mi poileas aig doras an teneamaint againn, air cùlaibh teip ‘incident’. Bha e a’ coimhead sìos an t-sràid agus cha tug e an aire dhomh. Chaidh mi air mhàgaran fon teip agus ruith mi suas an staidhre ann an solas fann.

Chaidh mi seachad air flataichean sàmhach – bha na dorsan aca dùinte. Ràinig mi na seòmraichean againn air an treas làr.

Bha àile a’ flat teth, agus bha fàileadh neònach ann mar luibhean loisgte. Bha fear an taighe na shuidhe gun charachadh aig bòrd a’ chidsin, a shùilean glaiste air truinnsear mòr geal air an robh meall feòla aimhe agus boinnean fala.

Gu grad, thàinig smaoin oillteil thugam.

‘Cà’ bheil an t-uan againn, Athair?’

Cha do fhreagair e. Thug mi an aire gun robh fhalt fada liath agus fheusag mì-sgiobalta. Bha a ghnùis gun fhiamh – chuimhnich e dhomh na leòmhainn mòra cloiche-ghràin aig carragh-cuimhne a’ bhaile-mhòir. 

‘Càit’ a bheil an t-uan againn?’

Cha tuirt e smid. Bha an dà chuid fàileadh nan luibhean loisgte agus an teas a’ fàs mùchach.

Ruith mi a-steach dhan t-seòmar-suidhe. Bha leabaidh an uain falamh. Cha robh ainm agam air – dìreach ‘Uan’. Bha beagan blàiths ann fhathast ann am plangaidean na leapa.

Bha mi ann am breislich.

Anns a’ chidsin, bha fear an taighe mar a bha e. Bha mi airson a phutadh feuch an robh e beò, ach cha do phut.

‘Athair!’

Cha do fhreagair e.

Chuala mi cas-cheuman air an staidhre taobh a-muigh a’ flat. An uair sin sàmhchair.

Is gann a b’ urrainn dhomh anail a tharraing.

Gu h-obann, bha fuaim uamhasach ann – bualadh àrd air an doras. An uair sin sàmhchair. An uair sin bualadh àrd a-rithist.

 

Dhùisg mi le clisgeadh às mo chadal.

Bha an seòmar làn ceò.

Bha cuideigin a’ gnogadh air an doras.

 

Previous
Previous

Nightmare on Jephthah Street

Next
Next

Looking back on the Pandemic