An Èiginn

Thàinig cùisean gu àirde fhad ’s a bha e na sheasamh ann am pàirc-chàraichean na mòr-bhùtha. Bha e a’ sìor fhàs anshocrach leis na bha de dhaoine agus de chàraichean a’ gluasad ceithir timcheall air. Bha triùir fhear ri smocadh air a chùlaibh – chuir fàileadh an toitean a’ bhuidheach air. Thàinig fallas fuar air a’ chraiceann. Thòisich e air coiseachd.

Bha muinntir a’ bhaile a’ toirt sùil air le iomagain, agus e a’ dèanamh ceum tuisleach cabhagach air a’ chabhsair. Theich cuid aca mar gun robh eagal orra gun leagadh e iad. Ach b’ fhada sin bho inntinn.

Dh’fheuch e gun a bhith a’ smaoineachadh air a’ phuinnsean a bha e a’ gabhail a-steach bho na busaichean agus na làraidhean air an rathad mhòr. Ghabh e air adhart gu iomall a’ bhaile. Air fàire, air mullach cnuic, bha coille ann a bha air aire a ghlacadh uair agus uair. Anns na h-aislingean aige, bha e air a bhith na sheasamh am measg nan craobhan sin.

Dh’fhàg e an cabhsair agus choisich e a-steach do dh’achadh. Gu tubaisteach, leag e feansa gu làr, a’ toirt sgrìob no dhà dha fhèin. Dh’fhalbh na caoraich nan deann-ruith nuair a chunnaic iad e, nuair a dh’fhairich iad a cheumannan troma.

Chùm e air gu daingeann tron achadh, sùil air fàire – bha e air a chùl a chur ri mac an duine agus cha tilleadh e tuilleadh. 

Nuair a ràinig e mullach a’ chnuic, stad e. Cha robh fuaim ri chluinntinn ach a’ ghaoth a’ sèideadh tro gheugan nan craobh. Fhuair e àite dhaibh fhèin nam measg. Fhreumhaich e a chasan gu domhain san talamh agus thionndaidh e ris a’ ghrèin. Chuala e a’ ghaoth a’ dèanamh sporghail air a chraiceann chorrach thioram. Ghabh e anail. Bha e air dachaigh fhaighinn far am b’ urrainn dha a bhith beò ann an da-rìribh.

 

 

Previous
Previous

The Crisis

Next
Next

Ò Rùn-dìomhair Mòr