An Leasachadh-fala, 1667
Paris, 1667. Bha an naidheachd gun robh Mgr Jean Denis a’ dèanamh leasachaidhean-fala ann am beul a’ bhaile. Aig an aon àm, bha an dearbh lighiche sin a’ feuchainn ri bhith ceum air thoiseach air na farpaisich aige ann an Sasainn, Richard Lower agus Edmund King.
Chuir Denis fios air dorsair a b’ aithne dha. ‘An ceadaicheadh tu dhomh fuil uain a chur nad chuislean, a Mhaighstir Écarter?’ dh’fhaighnich e dheth.
‘Carson a dhèanainn a leithid de dh’amaideas, a Shir? Tha mi cho làidir ri each.’ Rinn an dorsair tapaidh gàire agus bhuail e air a bhroilleach le a dhòrn.
‘Tha dùil agam gun dèanadh tu a leithid de dh’amaideas air dà adhbhar,’ fhreagair Jean Denis gu crosta. ‘Bidh thu gam chuideachadh ann a bhith a’ cur ri eòlas meidigeach agus gheibh thu deich buinn airgid mar dhuais.’
Nochd fiamh smaointeachail air aodann an dorsair. ‘An do rinn sibh seo a-riamh roimhe, a Shir?’
‘Rinn. Air coin agus air each. Thug mi fuil reitheachan don each – bha dath dubh air fhual fad latha no dhà ach bha e ceart gu leòr an ceann seachdain. Agus o chionn mìos, thug mi leasachadh-fala do dh’fhir òg air an robh fiabhras leantainneach. Bha e air a shlànachadh.’
‘Ach fuil uain. Nach lagaich i mi?’
‘Cha lagaich idir!’ fhreagair Denis. ‘Tha fuil uain fìorghlan. Mì-choltach ri mac an duine,’ ars esan gu sgaiteach, ‘chan eil an t-uan buailteach air a bhith ri geòcaireachd agus ri pòitearachd.’ Choimhead e gu geur air Écarter, ach cha robh coltas ann gun do thuig an dorsair gun robh an lighiche a’ toirt beum dha.
‘Chruthaicheadh na beathaichean sìmplidh seo airson gum biodh iad mar bhiadh dhuinn. Chan eil anam aca. Chan eil fios aca air an àmhghar agus air a’ bhròn a chlaoidheas sinne. Agus, gun teagamh, sheachain iad an truailleadh a thugadh dhuinne le ar sinnsear Adhamh. Nì fual uain math dhut.’
Chaidh an leasachadh-fala air adhart. An toiseach, rinn an lannsair Paul Emmerez gearradh beag air gàirdean Écarter. A’ cleachdadh gèadhach falamh leig e a-mach deich unnsachan de dh’fhuil dhuirch à cuisle fo chraiceann an dorsair.
Chùm Denis grèim air an uan fhad ’s a bha Emmerez a’ tarraing fichead unnsa de dh’fhuil às an amhaich aige. An uair sin, chuir an lannsair fuil an uain gu faiceallach ann an gàirdean Écarter. Bha e follaiseach gun robh cuislean an dorsair gan lìonadh leis an fhuil agus bha e anshocrach airson greis, a’ faireachdainn teas gu ruige achlais.
Bha an t-uan na laighe gu sàmhach. ‘Cho solt ris an uan,’ thuirt Denis le fiamh a ghàire.
Nuair a bha an leasachadh-fala deiseil, dh’èirich an dorsair air a chasan gun duilgheadas sam bith. Bha an t-uan gu math beòthail cuideachd.
Thill Écarter an ath mhadainn gus an duais aige, na buinn airgid, fhaighinn. ‘Tha mi cho fallain ris a’ bhreac,’ ars esan, ‘agus tha mo bhean air a dòigh.’ An uair sin dh’fhaighnich e gu carach, ‘Dè nì sibh air an uan?’
Thug Denis an t-uan do dh’Écarter. Mharbh an dorsair an t-uan, agus dheasaich e an fheòil airson ròstadh. Cheannaich e togsaid leanna leis an airgead a fhuair e agus bha oidhche mhòr ann aig an taigh aige.
(Tha an sgeulachd seo stèidhichte air rannsachadh an Àrd-Oll Peter Sahlins, Oilthigh Berkeley, na Stàitean Aonaichte – ‘The Beast Within: Animals in the First Xenotransfusion Experiments in France, ca. 1667-1668.’ Representations 2015, 129, 25-55. Nuair a chaochail euslainteach a bha ainmeil bha sgainneal ann agus chuir Pàrlamaid Pharis stad air leasachadh-fala.)