Latha Ùr

Bha mi air an leabhar-iùil a leughadh agus bha fadachd orm gus an rachainn ann. Mu dheireadh thall, bha mi a’ dol air iteal àrd os cionn a’ chuain mhòir, a’ leantainn slighe na grèine chun na h-àirde an iar. 

Cha bu luaithe a bha am plèana air an talamh na bha mi a’ mealtainn nan seallaidhean. Bha a h-uile nì a cheart cho àlainn ’s a bha mi an dùil – na beanntan àrda, na lochan dorcha domhainn, na cluaintean bòidheach, gach lus fo bhlàth. Agus bha sìth ann.

Nuair a fhuair mi eòlas air muinntir na dùthcha, bhuail e orm gun robh iad air leth modhail agus coibhneil nan cainnt. A thuilleadh air sin, bha iad furachail, fritheilteach do chàch a chèile, mar gun robh iad ag ràdh, ‘Is mise ur seirbheiseach. Chan eil càil nas cudromaiche dhomh na an sonas agaibh.’  

Bho mheadhan-latha gu ruige an fhionnaraidh bha e a’ còrdadh ris na h-inbhich a bhith an sàs ann an obair a bha tarbach agus tlachdmhor dhaibh. Anns a’ mhadainn agus feasgar bha a’ chlann, agus iad cho sunndach, fallain, ri cluich anns na pàircean.

Bha na daoine geala agus na daoine dubha a’ gabhail ri chèile mar bhràithrean agus mar pheathraichean. Cha robh guth air mì-chòrdadh no eas-aontachd eatarra.

Ann am meadhan na dùthcha bha lios ann a bha na bu bhrèagha buileach na àite sam bith eile. Ri taobh nan sruthan uisge, bha craobh mhòr a’ fàs – anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, bha duilleagan na craoibhe seo air a bhith gan cleachdadh mar leigheas air gach tinneas agus bròn.

Thàinig balach òg dham ionnsaigh, a phiuthar bheag air a chùlaibh. Dh’fhaighnich e dhìom, ‘Nach tig sibh a dh’èisteachd rinn? Tha sinn a’ dol a ghabhail òran.’  

Rinn mi oidhirp mhòr gus freagairt a thoirt dha. Bha mo bhilean a’ gluasad ach cha tàinig facal às mo bheul. 

Dhùisg mi le clisgeadh. Dh’fhalbh an aisling agus thill mi chun an t-saoghail bhriste anns a bheil sinn beò. Agus thòisich latha ùr, fada fada an ear air Eden.

 

(Chaidh an sgeulachd seo a bhrosnachadh le seantans ann an ‘Dreaming’ le Robert Walser, pìos goirid a nochd anns an leabhar Speaking to the Rose, Writings 1912-1932 University of Nebraska Press 2005B’ e Christopher Middleton a thagh na pìosan agus a rinn an t-eadar-theangachadh bhon Ghearmailtis gu Beurla.)

Previous
Previous

An Leasachadh-fala, 1667

Next
Next

A New Day