An Smachdair Leòmhainn
Dealbh: E Cooper
Bha caithream àrd agus bualadh bhasan anns an teanta siorcais.
Dhùin an smachdair leòmhainn doras na cèidse stàilinn air a cùlaibh agus thionndaidh i ris an luchd-èisteachd - bha iad air am beò-ghlacadh leatha.
‘Mòran, mòran taing!’ dh’èigh i. ‘Tha sibh ro chòir.’ Chuir i air dòigh a peitean dearg agus a briogais dhubh agus rinn i brag aotrom leis a’ chuip aice.
‘Tha mi an dùil gun do chuir e iongnadh oirbh nuair a chunnaic sibh nighean mheanbh mar a tha mise a’ cumail nan leòmhann mòra fireann seo fo smachd. ’S dòcha gun robh eagal oirbh nuair a chuir mi mo cheann a-steach do chraos mòr Bhoris! Nach esan am fear as motha buileach?’ Rinn i lachan gàire. Rinn an luchd-èisteachd gàire cuideachd.
‘Ach cha bu chòir iongnadh a bhith oirbh idir. San latha an-diugh, nach buannaich diosaplain thairis air buirbe? Nach fhaigh reusan agus tuigse shaidheansal làmh-an-uachdar air miannan borba nam fiadh-bheathaichean?
‘Gu dearbh, thèid mi an urras dhuibh gun coisicheadh sibh gun chunnart sam bith tro phàirc làn leòmhann mar an fheadhainn agamsa – fiù ’s air an oidhche. Bhiodh sibh sàbhailte mar thoradh air a’ mhodhalachd agus an stòldachd a theagaisg mi dhaibh nuair nach robh annta ach cuileanan …’
Chuir caithream an luchd-èisteachd stad oirre airson greis. Bha iad air an dòigh glan.
‘… agus cha bhiodh feum agaibh air gàirdeanan làidir Dhè a liubhair Daniel beò à garaidh nan leòmhann. An tug sibh an aire gur e Daniella an t-ainm-baistidh a tha orm?’
Bha gàireachdainn ri chluinntinn an siud agus an seo.
‘Ach a mhnathan agus a dhaoin’ uaisle, na gabhaibh air m’ fhacal e! Cuiridh mi an teòiridh agam fo dheuchainn!’
Thionndaidh i air a sàil agus smèid i ri cuideigin a bha am falach air cùlaibh nan cùirtearan. Bhrùth esan putan air a’ choimpiutair aige agus thòisich ballachan na cèidse sàbhailteachd stàilinn air èirigh suas mar heliacoptair a dh’ionnsaigh mullach an teanta, a’ toirt air falbh an aon dìon a bha ann eadar an luchd-èisteachd agus na leòmhainn.