Fo na Ditheanan 

‘Tha mi duilich gun do chaill sibh ur màthair,’ ars an lannsair. ‘Gabhaibh ri mo cho-fhaireachdainn dhùrachdaich, mas e ur toil e.’

Bha sàmhchair mhì-chofurtail ann mus do lean e air adhart, ‘Chan eil mi buileach cinnteach, a Chain agus Abeil, gu bheil sibh a’ tuigsinn an opairèisein seo. ’S ann ainneamh a bhios sinn a’ dèanamh obair-lannsa air leth-aonan ceangailte, no leth-aonan Siamese mar a chanas iad riutha, agus iad a’ sreap ri fichead bliadhna a dh’aois. Mar a thachras do na h-euslaintich as òige, bidh cuid de bhuill na bodhaige a’ dol dhan dàrna fear agaibh, agus bidh iad a dhìth air an fhear eile.’

Bha Cain agus Abel an-fhoiseil, nan suidhe air a’ bheing anns an t-seòmar dhubh-ghlas aig a’ chlionaig. B’ e being phlastaig a bha ann – bha na suidheachain fhiodha anns a’ chlionaig ro bheag dhaibh.

‘A bheil sibh a’ tuigsinn gum bi dà chois agus buill-ghineamhainn aig fear agaibh? Sin thusa, a Chain. Cha bhi agadsa, Abeil, ach cas chlì an dèidh na h-obrach-lannsa.’

Bha lasair bheag ri faicinn ann an sùilean Chain. Cha tuirt fear seach fear dhiubh facal.

‘Bidh eanchainn agus cridhe neo-eisimileach aig gach fear agaibh. Bhon t-sealladh sin, tha mi ’n dùil gun tèid cùisean gu math dhan dithis agaibh, ged a tha teans ann leis a h-uile opairèisean gum bi co-fhillteachadh ann na dhèidh.’

Tuigidh mi sin,’ ars Abel gu sòlaimte. Bha fiamh a ghàire seòlta air aodann Chain.

‘Nach eil neach-dàimh agaibh a bheireadh comhairle dhuibh mun cho-dhùnadh seo?’ dh’fhaighnich an lannsair. ‘’S i obair-lannsa mhòr, chunnartach a th’ ann.’

‘Tha sinn còrr is sia bliadhna deug a dh’aois,’ fhreagair Cain, ro luath. ‘Faodaidh sinn ar n-ainmean fhèin a chur ri foirm-ceadachaidh an opairèisein.’

‘Cha robh ar màthair nach maireann air a shon,’ ars Abel.

Bhuail Cain a bhràthair gu cruaidh le uilinn, ‘Nach ist thu, tha mise … tha sinne air a shon.’

An ceann beagan mhìosan bha iad a’ cur ris na facail air an lic-uaighe. Chuir iad ainm Abeil fo ainm a mhàthar agus ‘a mac gràdhach.’

Chuala mi gun do dh’òl Cain cus anns an taigh-òsta an dèidh an tiodhlacaidh. Dh’fheuch e ris an t-airgead a chaidh a chruinneachadh airson rannsachadh meidigeach a ghoid agus chuir e dragh air tè de na caileagan-frithealaidh.

 

‘Tha nìomhairean ri feall-fhalach fo na ditheanan.’ Robert Walser, 1926.

Previous
Previous

Serpents lurk under the Flowers 

Next
Next

The Lion Tamer